BETA

This is a new website that we're testing. Please give us some feedback on our external survey.

Skip to main content

Language: English / Gàidhlig

Loading…

Seòmar agus comataidhean

Stiùireadh do Luchd-fianais

Seo a h-uile càil air am feum fios a bhith agad mu bhith nad neach-fianais aig comataidh.

Fiosrachadh Covid-19

Covid-19

Air sgàth Covid-19, tha a’ Phàrlamaid air cuid de dh’atharrachaidhean a dhèanamh air mar a tha i ag obair. Is e aon de na h-atharrachaidhean sin an dòigh anns am faodadh comataidhean coinneachadh.

A bharrachd air a bhith a’ coinneachadh anns a’ Phàrlamaid, faodaidh comataidhean a-nis coinneamhan “bhirtual” no “measgaichte” a bhith aca.

Tha coinneamh bhirtual a’ ciallachadh nach eil buill na comataidh ann an seòmar comataidh còmhla. Is dòcha gu bheil iad ann an oifis no aig an taigh. Bidh luchd-fianais a’ frithealadh na coinneimh le bhith a’ cleachdadh bathar-bog co-labhairt bhidio.

Tha coinneamh mheasgaichte a’ ciallachadh gum faodadh cuid de dhaoine a tha a’ gabhail pàirt anns a’ choinneimh, luchd-fianais nam measg, a bhith ann an seòmar comataidh. Dh’fhaodadh cuid eile pàirt a ghabhail sa choinneimh a’ cleachdadh bathar-bog co-labhairt bhidio.

Innsidh na clàrcan dhut dè an seòrsa coinneamh aig am bi thu a’ toirt seachad fianais. Faodaidh iad fiosrachadh a thoirt dhut mu atharrachaidhean sam bith a dh’fhaodadh tachairt mar thoradh air atharrachadh ann an stiùireadh slàinte phoblach.

Tha fiosrachadh anns an earrainn seo air:

  • tighinn chun na Pàrlamaid airson fianais a thoirt seachad
  • toirt seachad fianais a’ cleachdadh bathar-bog co-labhairt bhidio

Tha fiosrachadh anns a’ chòrr den stiùireadh seo mu bhith a’ faighinn don Phàrlamaid agus mar a nì thu ullachadh airson a bhith nad neach-fianais.


Tighinn chun an togalaich airson coinneamh mheasgaichte

Is dòcha gum faigh thu cuireadh a thighinn gu togalach na Pàrlamaid mar neach-fianais ann an coinneamh comataidh.  

Do shlàinte agus cumail sàbhailte

Tha a’ Phàrlamaid a’ leantainn stiùireadh slàinte phoblaich agus chì thu ullachadh gus a h-uile duine a chumail sàbhailte, leithid:

  • stuth-glanaidh làmhan
  • siostam gluasaid aon-shligheach
  • soidhnichean a' sealltainn dhut càite an tèid thu agus càite an seas thu
  • caitheamh còmhdach aghaidh
  • siostam leantainn is lorg do dhuine sam bith a thig a-steach don togalach
  • astarachadh sòisealta stèidhichte air feadh an togalaich, a’ toirt a-steach na seòmraichean  comataidh

Ma dh’atharraicheas dad mun t-suidheachadh agad, leithid thu fhèin no cuideigin leis a bheil thu a’ fuireach a’ nochdadh comharraidhean Covid-19 no gun deach iarraidh ort fèin-iomallachadh a dhèanamh, cuir fios chun nan clàrcan cho luath ’s a ghabhas.

Ma tha dad sam bith eile ann air nach eil thu cinnteach, leig fios dhuinn.  Bidh sinn toilichte ceist sam bith a th' agad a fhreagairt. 


Còmhdach aghaidh

Feumaidh tu còmhdach aghaidh a chaitheamh gus a thighinn a-steach don togalach agus nuair a tha thu san togalach. Faodaidh tu còmhdach aghaidh a thoirt dhìot aon uair ’s gu bheil thu nad shuidhe aig a’ bhòrd ann an seòmar na comataidh, no faodaidh tu fhàgail ort mas fheàrr leat.

Mura h-urrainn dhut masg a chaitheamh, leig fios don sgioba chlàrcan.

Nuair a ruigeas tu

Theirig gu deasg Seirbheisean Luchd-tadhail far an tèid iarraidh ort am fiosrachadh conaltraidh agad a thoirt seachad. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ faighinn thugainn agus a-steach don togalach anns a’ chòrr den stiùireadh seo.

Thèid pas neach-fianais a thoirt dhut airson a chaitheamh. Bidh iad seo air an glanadh agus an dì-ghalarachadh eadar cleachdaidhean.

Thèid do thoirt gu seòmar na comataidh agus thèid sealltainn dhut càite am bu chòir dhut suidhe. Cuimhnich gun cùm thu astar bho na daoine eile san t-seòmar. Bidh uisge agus cupannan rim faighinn. 

Anns a’ choinneimh

Nuair a thòisicheas a’ choinneamh, bidh e coltach ri coinneamh comataidh àbhaisteach ach cleachdaidh cuid de na buill agus an luchd-fianais co-labhairt bhidio gus pàirt a ghabhail ann. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ toirt seachad fianais aig coinneamh comataidh anns a’ chòrr den stiùireadh seo. 

Feuch nach bean thu ris a’ mhaicreafòn agad – nì an sgioba craolaidh sin dhut. Fuirich gus an tèid an solas air a’ mhaicreafòn dearg mus tòisich thu a’ bruidhinn.


Teicneòlas airson coinneamhan bhirtual agus measgaichte

Bidh coinneamhan comataidh bhirtual agus measgaichte a’ cleachdadh bathar-bog ris an canar Bluejeans. Chan urrainn dhuinn siostaman co-labhairt bhidio eile a chleachdadh leithid Skype no Facetime. Tha seo air sgàth gu bheil coinneamhan comataidh air an craoladh agus gu bheil riatanasan sònraichte aca.

Faodaidh tu Bluejeans a chleachdadh air inneal sam bith, mar eisimpleir taibleat no fòn a bharrachd air coimpiutair deasg. Ma tha thu a’ cleachdadh coimpiutair deasg no inneal Android cha leig thu leas Bluejeans a luchdachadh sìos.

Ma tha thu a’ cleachdadh iPad no inneal Apple eile, faodaidh tu an app Bluejeans a stàladh bho stòr nan app.

Ma chleachdas tu inneal-làimhe, dèan cinnteach gu bheil tripod agad no rudeigin a chumas taic ris an taibleat no fòn agad. Tha seo airson dèanamh cinnteach gu bheil an dealbh rèidh agus gu bheil thu comhfhurtail.

Cuiridh an sgioba chlàrcan ceangal thugad airson faighinn chun na coinneimh. Gheibh thu 2 cheangal: tha aon airson deuchainn a bhios mar as trice a’ tachairt an latha ron choinneimh. Tha am fear eile airson na coinneimh fhèin.  Nì na clàrcan soilleir dè an ceangal a thèid a chleachdadh agus cuin.

Gus am bi Bluejeans ag obair, mar as trice feumaidh Chrome no Firefox a bhith air a stàladh. 

Luchdaich Chrome

Luchdaich Firefox

Ma tha trioblaidean teicnigeach agad, no mura h-urrainn dhut Chrome no Firefox a luchdachadh sìos don inneal agad, innis do na clàrcan cho luath ’s a ghabhas.


Ron choinneimh

Mus toir thu fianais gu coinneamh comataidh bhirtual no measgaichte, thèid iarraidh ort gairm deuchainn a dhèanamh leis an sgioba craolaidh againn. Thèid ùine 2 uair a thìde a thoirt dhut anns an tachair an deuchainn agad ach cha toir an gairm fhèin ach timcheall air 10 mionaidean.

Anns a’ ghairm faodaidh tu do cheangal agus d’ inneal a dhearbhadh. Nì an sgioba craolaidh cinnteach gu bheil am fuaim agad ag obair agus faodaidh iad comhairle a thoirt seachad air càileachd  solais agus deilbh. Innsidh iad dhut mar a bhios a’ choinneamh ag obair agus cò ris a bu chòir dùil a bhith agad air an latha.

Tha e cudromach gum bi thu ann airson a’ ghairm deuchainn. Seo an dòigh as fheàrr dhut a bhith cinnteach gum bi thu comhfhurtail tron choinneimh agus gu bheil an teicneòlas ag obair gu math.


Cùl-raon, solais agus fuaim

Faodaidh an sgioba craolaidh comhairle a thoirt dhut mu chùl-raon, solais agus fuaim nuair a nì thu do ghairm deuchainn ach seo beagan mholaidhean a dh’fhaodadh a bhith feumail.

Mas urrainn dhut, cleachd headset ceangailte ris an inneal agad. Mura h-urrainn dhut headset a chleachdadh, thèid do chluinntinn nas soilleire ma chleachdas tu maicreafòn taobh a-muigh ceangailte ris an inneal agad. Feuch ri a chumail:

  • ann an suidheachadh meadhanach seasmhach
  • a’ comharrachadh a dh’ionnsaigh do bheòil
  • air a shuidheachadh far nach bi rudan eile a’ mùchadh no a’ cur bacadh air do ghuth

Lorg suidheachadh:

  • far a bheil deagh cheangal eadar-lìn agad (agus bhiodh e na b’ fheàrr nam biodh ceangal uèirleas agad ris an router agad)
  • far a bheil thu aig ìre sùla leis a’ chamara agad agus nach eil thu ro fhada air falbh
  • nach eil solas a’ tighinn bho do chùlaibh oir tha seo ga dhèanamh nas duilghe do dhaoine d’ fhaicinn
  • far nach eil dad air do chùl nach eil thu airson gum faic daoine
  • far nach eil mòran fuaim ann


Mar a bhios coinneamhan bhirtual agus measgaichte ag obair

Ged a tha coinneamhan bhirtual agus measgaichte a’ coimhead gu math eadar-dhealaichte, tha an aon adhbhar aca ri coinneamhan comataidh àbhaisteach. Tha thu ann airson an t-eòlas agad a roinn agus a’ chomataidh a chuideachadh len obair.

Leigidh na clàrcan fios dhut cuin a dh’fheumas tu a bhith ann airson coinneamh na comataidh. Mar as trice tha seo 30 mionaid mus tòisich a’ choinneamh gu h-oifigeil.

Bidh na BPA a’ feitheamh nuair a thig thu a-steach don choinneimh. Cuiridh an neach-gairm fàilte ort agus mìnichidh e/i mar a bhios a’ choinneamh ag obair. Bidh seo a’ tachairt mus tòisich craoladh na coinneimh 

Ma tha ceist sam bith agad na fuirich gus an àm seo mus faighnich thu. Leig fios do na clàrcan aig àm sam bith ron choinneimh mura h-eil thu cinnteach mu rudeigin no ma tha feum agad air barrachd fiosrachaidh. 


A’ bruidhinn ann an coinneamh bhirtual no measgaichte

Ann an coinneamh bhirtual, chan urrainn don neach-gairm a h-uile duine fhaicinn aig an aon àm. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil e duilich an aire a ghlacadh ma tha thu airson bruidhinn, mar a dh’fhaodadh tu ann an coinneamh comataidh àbhaisteach.

Air sgàth seo, bidh an neach-gairm a’ faighneachd dhut gu dìreach a bheil thu airson freagairt a thoirt do cheistean nam BPA. Ma smaoinicheas tu air rudeigin às dèidh na coinneimh a tha thu airson a ràdh faodaidh tu a chur gu na clàrcan às dèidh làimhe.

Anns a’ choinneimh cuiridh an teicneolaiche craolaidh do mhaicreafòn agus do chamara air agus dheth. 


Brisidhean agus duilgheadasan teicnigeach

Aig amannan bidh duilgheadasan teicnigeach a’ tachairt. Na gabh dragh!

Ma chailleas tu do cheangal don choinneimh cuiridh an sgioba IT againn fios thugad gus feuchainn ri faighinn air ais dhut. Faodaidh an neach-gairm dàil a chur sa choinneamh fhad ’s a tha seo a’ tachairt. Mura h-urrainnear an ceangal agad ath-stèidheachadh is dòcha gun crìochnaich a’ choinneamh tràth no gun lean e air adhart às d’ aonais.

Uaireannan, tha am fuaim dona agus is dòcha gum bi e duilich no do-dhèanta na tha cuideigin ag ràdh a chluinntinn. Ma thachras sin, faodaidh tu iarraidh orra na thuirt iad a ràdh a-rithist, gu sònraichte ma bha iad a’ faighneachd ceist dhut. Clàraichidh an Aithisg Oifigeil nach gabhadh faclan a chluinntinn. Is dòcha gun tèid iarraidh ort do bhidio a chur dheth agus bruidhinn às aonais dealbh.

Faodar a’ choinneamh a chur dheth cuideachd ma chailleas an neach-gairm an ceangal. Aig amannan is dòcha gum feum thu stad nuair a tha thu a’ toirt seachad fianais, mar eisimpleir le clag dorais, peata, no cuideigin a tha fo do chùram. Ma thachras seo, na gabh dragh. Faodaidh an neach-gairm dàil a chur air a’ choinneimh ma tha feum agad air beagan mhionaidean, no faodaidh tu iarraidh air falbh gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh.


Ceistean, taic a bharrachd agus fiosrachadh

Ron choinneimh, bheir clàrcan fiosrachadh dhut a chuidicheas tu gus ullachadh. Tha iad toilichte cuideachadh le ceistean sam bith a tha agad.

Leis nach eil a’ mhòr-chuid de na clàrcan ag obair san togalach, bidh tu a' cur fios thuca air post-d. Faodaidh iad an uair sin fònadh thugad ma tha sin nas fhasa dhut.

Ma tha feumalachdan taic a bharrachd agad, no ma tha dad ann as urrainn dhaibh a dhèanamh gus a dhèanamh nas fhasa dhut fianais a thoirt seachad, leig fios dhaibh. 

Mar a dh’ullaicheas tu a bhith nad neach-fianais

Na tha e a' ciallachadh a bhith nad neach-fianais

Eu-coltach ri neach-fianais ann an cùis-lagha no cùirt, is e neach-fianais comataidh cuideigin a tha airson an sgeulachd aca innse agus am beachdan a thoirt seachad air cuspair air a bheil a’ chomataidh a’ beachdachadh.

Chan eil dòigh cheart no cheàrr ann a bhith nad neach-fianais comataidh. Tha thu ann airson do sgeulachd no eòlas a cho-roinn.

A’ faireachdainn ullaichte

Is e leughadh tron stiùireadh seo an dòigh as fheàrr air a bhith a’ faireachdainn ullaichte airson na dh’fhaodadh tachairt air an latha. Ma tha thu ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh, faodaidh tu fios a chur air an sgioba chlàrcan. Faodaidh iadsan an obair a tha a’ chomataidh a’ dèanamh a mhìneachadh agus innse dhut cò eile a dh’fhaodadh a bhith a’ toirt seachad am beachdan. Faodaidh iad do chuideachadh ma tha riatanasan ruigsinneachd sònraichte agad.

Mus tig thu don choinneimh faodaidh tu cuideachd:

  • coimhead air an obair a tha a’ chomataidh air a dhèanamh roimhe
  • coimhead air seann sheiseanan comataidh anns an roinn "Tasglan Bhidio" air TBh na Pàrlamaid

Faodaidh seo do chuideachadh gus beachd fhaighinn air mar a tha a’ chomataidh ag obair agus cò ris a bu chòir dùil a bhith agad.

Dòighean eile air do bheachdan a thoirt seachad

Is dòcha gum bi e comasach dhut do bheachdan a thoirt seachad tro cheangal bhidio ma tha feum air sin. Faodaidh tu innse dhuinn ro làimh ma tha thu airson seo a dhèanamh le bhith a’ cur fios air clàrc na comataidh agad.

Toirt seachad do bheachdan ann an cànan eile 

Faodaidh tu do bheachdan a thoirt seachad mar neach-fianais aig comataidh ann an cànan sam bith, a’ gabhail a-steach Cànan Soidhnidh Bhreatainn agus Gàidhlig. Dìreach innis do chlàrc na comataidh mas math leat seo a dhèanamh, a’ toirt uimhir rabhaidh dhuinn ’s a ghabhas. 

A’ toirt cuideigin còmhla riut

Tha thu làn di-beathte cuideigin a thoirt còmhla riut nuair a thig thu a bhith nad neach-fianais, agus faodaidh iad suidhe anns a’ ghailearaidh phoblach. Gheibh iad tiogaidean bho dheasg Seirbheisean Luchd-tadhail anns a’ Phrìomh Thalla air an latha no faodaidh iad tiogaidean òrdachadh ro-làimh.

Corra uair faodaidh comataidh iarraidh ort do bheachdan a thoirt seachad gu prìobhaideach. Ma thachras seo agus ma tha thu airson cuideigin a thoirt còmhla riut, bruidhinn ris na clàrcan mu na tha comasach.

Goireasan agus Ruigsinneachd

Goireasan ruigsinneach aig Pàrlamaid na h-Alba

Am measg nan goireasan ruigsinneach tha:

  • lùban inntrigidh dhaibhsan aig a bheil duilgheadasan claisneachd
  • taighean-beaga do dhaoine ciorramach agus taighean-beaga changing places 
  • àiteachan sàmhach
  • seòmar ciad-chobhair

Air sgàth galar lèir-sgaoilte Covid-19, is dòcha gum bi cuid de sheirbheisean a’ coimhead eadar-dhealaichte no is dòcha nach eil iad rim faighinn idir. Iarr cuideachadh sam bith a dh’fheumas tu bho Sheirbheisean Luchd-tadhail.

Locairean

Air sgàth galar lèir-sgaoilte Covid-19, chan eil locairean rim faighinn. Ma dh’fheumas tu, faodaidh tu rudan fhàgail leis an sgioba tèarainteachd nuair a ruigeas tu.

Goireasan a tha freagarrach do chloinn 

Air sgàth galar lèir-sgaoilte Covid-19, chan eil an crèche agus an t-àite beathachaidh broillich rim faighinn an-dràsta.

Crèche

Air sgàth galar lèir-sgaoilte Covid-19, tha an crèche dùinte an-dràsta.

Cafaidh

Air sgàth galar lèir-sgaoilte Covid-19, tha an Cafaidh dùinte an-dràsta.

Mar a ruigeas tu Pàrlamaid na h-Alba

Càite a bheil Pàrlamaid na h-Alba?

Tha Pàrlamaid na h-Alba faisg air Suidheachan Artair agus aig bonn na Mìle Rìoghail, ris an canar cuideachd an Canongate. Tha e cuideachd mu choinneamh Lùchairt Taigh an Ròid. Is e an seòladh puist Horse Wynd EH99 1SP.

Ann an càr

Chan eil àite-pàircidh ri fhaighinn aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha na pàircean-chàraichean as fhaisge aig Dynamic Earth, St John's Hill, no ri taobh Stèisean Waverley Dhùn Èideann (slighe a-steach air New Street).

Pàirceadh do chiorramaich

Gheibhear pàirceadh do dhaoine ciorramach le bràiste ghorm air Horse Wynd, mu choinneimh prìomh dhoras poblach na Pàrlamaid. Cha ghabh àite a ghlèidheadh ro-làimh seach gu bheil iad air an riaghladh le Comhairle Baile Dhùn Èideann.

Air bus

Bidh Busaichean Lodainn a’ ruith aon seirbheis a stadas aig a’ Phàrlamaid – an àireamh 35 (stad-bus Pàrlamaid na h-Alba).

Cleachd Checkmybus Edinburgh airson slighean bus eile a tha a’ stad astar coiseachd goirid air falbh.

Air trèana

Tha Stèisean Waverley Dhùn Èideann 15 mionaid air chois no turas tagsaidh goirid don Phàrlamaid. Faigh a-mach mu ruigsinneachd aig stèisean Waverley Dhùn Èideann air làrach-lìn NetworkRail.

Air baidhsagal

Gheibhear racaichean baidhsagail poblach faisg air an t-slighe a-steach don togalach.

Nuair a ruigeas tu 

A’ dol tro thèarainteachd

Tha siostam sgrùdaidh bhagannan againn aig an t-slighe a-steach phoblach. Feumaidh tu do chòta a thoirt dhiot agus na bagannan agad a chur tron sganair againn. Ma dh’fheumas tèarainteachd sgrùdadh-bodhaige a dhèanamh ort, faodaidh tu iarraidh gun tèid seo a dhèanamh gu prìobhaideach ma tha thu a’ faireachdainn nas comhfhurtail.

Ma tha thu fadalach

Faodaidh e 15-20 mionaid a thoirt airson a dhol tro thèarainteachd ma tha e trang. Ma tha thu fadalach, innis don luchd-tèarainteachd aig a’ phrìomh dhoras agus feuchaidh iad ri do shlighe a-steach don togalach a dhèanamh nas luaithe.

Ma tha a’ choinneamh agad ro 8.30m

Ma ruigeas tu ro 8.30m is dòcha nach bi an togalach fosgailte don phoball fhathast. Ma thachras seo, cuir fios gu tèarainteachd a’ cleachdadh a’ phutain cheàrnagaich CALL air taobh deas an dorais shleamhnachaidh aig a’ phrìomh dhoras. Innis dhaibh gu bheil thu ann airson a bhith nad neach-fianais aig coinneamh comataidh.

Seirbheisean Luchd-tadhail

Nuair a tha thu air a dhol tro thèarainteachd, theirig gu deasg Seirbheisean Luchd-tadhail. Nuair a choisicheas tu a-steach don Phrìomh Thalla, tha seo air an làimh dheis.

Innis dhaibh gu bheil thu ann airson a bhith nad neach-fianais aig comataidh agus thèid pas neach-fianais a thoirt dhut.

Thig cuideigin gad iarraidh gus do thoirt gu seòmar coinneimh na comataidh, no seòmar feitheimh.

Nuair a tha thu aig Coinneamh na Comataidh

Na bhios romhad anns an t-seòmar comataidh

Mar as trice bidh na BPA san t-seòmar mu thràth agus is dòcha gum bi a’ choinneamh air tòiseachadh nuair a ruigeas tu. Bidh sanas-ainm agad airson innse far am bu chòir dhut suidhe. Bidh uisge ri fhaighinn air a’ bhòrd.

Ma tha thu airson bruidhinn, faodaidh tu aire a’ chlàirc no an neach-gairm a ghlacadh. Fuirich gus an tèid an solas air a’ mhaicreafòn dearg mus tòisich thu a’ bruidhinn.


Seòrsaichean coinneamh comataidh

Mar as trice tha dà sheòrsa de choinneamh comataidh ann – bòrd cruinn agus panail.

Aig coinneamh bòrd cruinn, bidh luchd-fianais agus buill comataidh a’ suidhe còmhla timcheall bòrd na comataidh.

Mar as trice tha coinneamh panail nas coltaich ri seisean ceist is freagairt. Bidh luchd-fianais nan suidhe aig aon cheann den bhòrd, mu choinneimh BPA.

Na gabh dragh mura h-urrainn dhut a h-uile ceist a chaidh fhaighneachd dhut a fhreagairt aig an àm. Mura h-eil thu cinnteach mu rudeigin, tha e ceart gu leòr fiosrachadh a chur air post-d chun sgioba chlàrcan às dèidh an t-seisein.


Cò bhios aig coinneamh comataidh

Bidh cuid de na daoine a leanas nan suidhe timcheall air bòrd na comataidh còmhla riut. Dh’fhaodadh cuid eile a bhith san t-seòmar, aon chuid aig a’ chliathaich no anns a’ ghailearaidh phoblach. Faodaidh tu sùil a thoirt air seòmar comataidh agus na daoine a tha ann.

Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA)

Tha comataidhean air an dèanamh suas de BhPA bho dhiofar phàrtaidhean. Gheibh thu a-mach cò na BPA a chì thu aig a’ choinneimh agad air duilleag na comataidh.

Clàrcan

Is iad clàrcan na comataidh am prìomh phuing conaltraidh agad. Tha clàrcan ann gus taic a thoirt don chomataidh le bhith ag ullachadh agus a’ cur choinneamhan air dòigh. Bidh iad nan suidhe ri taobh an Neach-gairm gus comhairle a thoirt dhaibh mu mhodhan-obrach ma tha feum air. Bidh iad a’ coimhead gus faicinn cò a tha airson bruidhinn ann an coinneamh agus mar sin ma tha thu airson ceist a fhreagairt, glac an sùil agus leigidh iad fios don Neach-gairm.

Luchd-obrach na h-Aithisg Oifigeil

Bidh luchd-obrach na h-Aithisg Oifigeil a’ deasachadh na h-Aithisg Oifigeil (OR)  – clàr sgrìobhte de gach coinneamh comataidh phoblach. Às dèidh na coinneimh, ma tha luchd-obrach na h-Aithisg Oifigeil airson dèanamh cinnteach mu rudeigin a thuirt thu, leithid litreachadh ainm, is dòcha gun toir iad nota dhut no gum bruidhinn iad riut.

Thèid Aithisg Oifigeil na coinneimh agad fhoillseachadh air-loidhne, mar as trice taobh a-staigh beagan làithean.

Craoladh

Tha a h-uile coinneamh comataidh poblach air a chraoladh beò air-loidhne air làrach-lìn TBh Pàrlamaid na h-Alba.. Bidh an sgioba craolaidh cuideachd a’ cumail smachd air do mhaicreafòn. Cha leig thu leas dad a chur air no dheth.

Comhairliche

Uaireannan bidh eòlaichean nan comhairlichean aig comataidhean airson pìos obrach. Suidhidh iad ri taobh an neach-gairm.

Luchd-rannsachaidh Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba (SPICe)

Tha SPICe nan luchd-rannsachaidh a tha a’ toirt taic do chomataidhean agus BPA. Mar eisimpleir, bidh iad a’ sgrìobhadh phàipearan-ullachaidh do BhPA agus a’ toirt cùl-fhiosrachadh do chomataidhean mu rannsachaidhean.

Oifigear Dàimh Mheadhanan

Bidh oifigearan Dàimh Mheadhanan ag obair leis na meadhanan, agus a’ freagairt cheistean bho luchd-naidheachd a dh’fhaodadh èirigh à coinneamh comataidh.

Obair Com-pàirteachaidh

Tha Oifigear Com-pàirteachaidh aig gach comataidh a chuidicheas le bhith a’ toirt choimhearsnachdan an lùib obair comataidh.

Tèarainteachd

Bidh buill den sgioba tèarainteachd taobh a-muigh an dorais, agus nan suidhe taobh a-staigh an t-seòmair nuair a bhios comataidh a’ coinneachadh air beulaibh a’ phobaill.

Am Poball

Tha gailearaidh poblach anns gach seòmar comataidh. Faodaidh buill den phoball tighinn is falbh rè coinneamh phoblach.

Luchd-naidheachd

Faodaidh luchd-naidheachd coimhead air coinneamhan comataidh. Mar as tric suidhidh iad ann an sreath aghaidh a’ ghailearaidh agus is dòcha gum bi iad a’ sgrìobhadh notaichean.

Às dèidh coinneamh na comataidh

Na h-Ath Cheuman

Às dèidh na coinneimh, dh’fhaodadh a’ chomataidh:

  • aithisg fhoillseachadh le molaidhean do Riaghaltas na h-Alba
  • litir a sgrìobhadh airson a’ chùis a thoirt air adhart nas fhaide
  • aontachadh beachdachadh air a’ chùis a-rithist san àm ri teachd

Coimhead air a’ coinneimh a-rithist

Às dèidh na coinneimh, agus mar as trice taobh a-staigh beagan uairean a thìde, bidh e comasach dhut a’ choinneamh aig an robh thu fhaicinn air TBh Pàrlamaid na h-Alba agus cuideachd criomagan a sgaoileadh air na meadhanan sòisealta.


Leugh an Aithisg Oifigeil (OR)

Mar as trice thèid an Aithisg Oifigeil fhoillseachadh taobh a-staigh beagan làithean. Innsidh clàr foillseachaidh an OR  dhut cuin.

Thèid ceangal a chur thugad air post-d  nuair a bhios e ri fhaighinn. Bidh 20 latha agad airson ceartachaidhean san aithisg air na thuirt thu a mholadh.


Ag iarraidh chosgaisean

Faodaidh tu cosgaisean iarraidh airson rudan leithid siubhal, biadh agus cùram-cloinne. Gus cosgaisean iarraidh, feumaidh tu innse do na clàrcan mus tig thu. Cùm grèim air na cuidhteasan agad agus thoir iad do na clàrcan air an latha.


Dòighean air ceangal a chumail leinn

Bhiodh sinn air ar dòigh nam biodh thu airson ceangal a chumail leinn. Faodar do chur ris na liostaichean puist againn, faodaidh tu clàradh airson nan eBulletins seachdaineil againn  agus ar leantainn air Twitter.


Am fiosrachadh pearsanta agad

Bidh sinn a’ làimhseachadh an fhiosrachaidh phearsanta agad, leithid d’ ainm, fiosrachadh conaltraidh, agus dealbhan-camara, leis an ìre as àirde de phrìobhaideachd.

Tha sinn air sanas prìobhaideachd a chruthachadh mu mar a dh’fhaodadh sinn am fiosrachadh agad a chleachdadh ma tha thu a’ toirt seachad do bheachdan aig coinneamh comataidh. An sin, gheibh thu fiosrachadh cuideachd mu chlann is daoine òga fo 16 a’ bruidhinn aig coinneamh comataidh.

Faodaidh tu cuideachd tuilleadh fiosrachaidh iarraidh fon achd Saorsa Fiosrachaidh.